Bha an oidhche as fhuaire den fhoghar gu ruige seo againn a-raoir, agus -10.6°C ga chlàradh ann an Drochaid Thulaich air a' Ghàidhealtachd. Am bi i a cheart cho fuar a-nochd ge-tà? Tha am fiosrachadh sin aig Derek.
Ged a chì mòran againn greisean math grèine thar na lathaichean a th' air thoiseach oirnn 's ann gu math fuar a bhios i faireachdainn, le oidhcheannan reòta. Bidh paidsichean de cheò reòta ann an àiteachan cuideachd. Seo Derek le tuilleadh.
Às dèidh dhan oidhche as fhuaire dhen fhoghair gu ruige seo a bhith againn a-raoir, an uair a thuit an teothachd gu -7.7°C ann an Drochaid Thulaich, saoil am bi i a cheart cho fuar a-nochd? Agus dè choltas a th' air an aimsir thar na lathaichean a tha romhainn?
Rabhadh Buidhe an sàs a-nochd bho Oifis na Sìde gu deich uairean madainn a-màireach airson deigh agus sneachda do mhòran sgìrean a-steach air tìr mòr. Bidh coltas nas soilleire is nas tioraime oirre feasgar a-màireach, ge-tà.
'S ann nas fhuaire a dh'fhàsas i sna làithean air thoiseach oirnn, leis a' ghaoith a' neartachadh agus i a' sèideadh bho thuath. Tha tuilleadh fiosrachaidh aig Joy dhuinn.