Spòrs ionadail, nàiseanta agus eadar nàiseanta bho @bbcnaidheachdan. Local, national & international sports news from BBC Gaelic. Retweets are not endorsements.
Bha Baile Ùr an t-Slèibh is Ceann a' Ghiùthsaich air ais am measg nan tadhal, ged a tha a-nise ceist air sgioba Raghnaill Rois mu Roddy Young is e air a ghlùin a ghoirteachadh.
https://t.co/X2kZMTaey6
Air an Spòrscast as ùire tha Somhairle MacDhòmhnaill & Eòghan MacAoidh Stiùbhart a' beachdachadh air na th' air a bhith a' dol ann an saoghal na h-iomain.
Èistibh an seo: https://t.co/aBUbDL3Rsx
Dhearbh cathraiche Chomann Ball-coise Leòdhais is Na Hearadh gun tèid cuairt dheireannach Chupa MalCivils am-bliadhna a chur dheth chun a' Ghiblein 2027.
https://t.co/6CO1cSvV2r
Na tadhail a bhuannaich Cupa na Camanachd do Bhaile Ùr an t-Slèibh an-uiridh - ach dè thachras sa chuairt dheireannaich an-diugh? Tha sinn beò air-loidhne an-dràsta aig https://t.co/1K795hpNPP
Cò gheibh an làmhan air Cupa na Camanachd is Baile Ùr an t-Slèibh is Ceann a' Ghiùthsaich gus a dhol ann an ugannan a chèile a-rithist a-màireach.
https://t.co/ft0SsEkwza
Le cuairt dheireannach Chupa na Camanachd a' teannadh dlùth, bidh cothrom san Òban an ath-oidhche cluinntinn mu stòras phrìseil de dhealbhan iomain.Chithear taghadh dhiubh an seo
https://t.co/ZYumAbUAvZ
Dhearbh Comann na Camanachd gu bheil iad a' coimhead às ùr air structar nam farpaisean aca is rabhadh air a bhith ann gun cuir cuid cùl ris an spòrs.
https://t.co/J9uWjcBlkm
Air an Spòrscast as ùire tha Dòmhnall MacLaomainn & Gòrdan Camshron a' beachdachadh air na thachair ann an rèisean grand tour na bliadhna agus air grunn chuspairean eile ann an saoghal na rothaireachd.
https://t.co/0Bi0UqW6BO
Tha gàirdeachas ga dhèanamh san Rubha agus ann am Barraigh is na sgiobaidhean sin air na lìogaichean ionadail aca a bhuannachadh air an deireadh-sheachdain.
https://t.co/IM95x3TYxc
Ghluais An Rubha trì puingean air thoiseach air Athletic Steòrnabhaigh aig mullach Lìog Leòdhais is Na Hearadh nuair a rinn iad a' chùis 9-1 air na Lochan a-raoir.
https://t.co/unxvenfmUp
Sporscast: Le seusan ùr an NFL a' tòiseachadh tha Dòmhnall Angaidh, Colin George & Sean a' beachdachadh air cò na sgiobaidhean a dh'fhaodadh an làmhan fhaighinn air duais Lombardi.
Èist an seo: https://t.co/cb5xo18YLW
'S e Steaphan MacLachlainn à Baile a' Chaolais an rèitire a bhios os cionn cuairt dheireannach Chupa na Camanachd eadar Baile Ùr an t-Slèibh is Ceann a' Ghiùthsaich.
https://t.co/15GrYhjGBf