An-diugh, tha mi air a bhith ag èisteachd ri King, an clàr ùr le Gnome, còmhlan às a' Bheilg. Spòrsail, riffmhor, mas toil leat Red Fang, Orange Goblin, Mastadon no an leithid, còrdaidh seo riut cuideachd. #Gàidhlig
Thunder and Lightning passing through Glasgow in the early hours. Amazing views along the Clyde and Mother Nature once again putting on a fantastic display.
#lightning#GLASGOW#thunderstorms
Abair còmhlan a bh' ann an Windir. Bidh mi a' lorg rudan ùra anns gach clàr cha mhòr a h-uile triop a dh'èisteas mi riutha. 1184 feasgar an-diugh. RIP Valfar. Bha thu fada, fada ro òg. #Gàidhlig
Chan ann tric a bhios mi ag èisteachd mi meatailt chumachd na làithean-sa, ged a bha mi gu math deidheil oirre is mi nam dheugaire. Co-dhiù, 's toil leam Black Hand Inn le Running Wild, tha nas truime na tòrr san roinn sin.
#Gàidhlig
https://t.co/l6mWMKbOdp
Satsui, an t-òran ùr aig na h-avant gardeich Iapanach, Sigh. Tha e iomadh-fhillte agus gu math dian - tha mi a' dèanamh fiughair ris a' chlàr ùr aca. #Gàidhlig
https://t.co/vh01Uuw6rl
Synths glòrmhor, guth glòrmhor Raghnaill Sheumais, bhideo cho gòrach is 80ach 's a bha ann a-riamh... chan iarradh tu na b' fheàrr. #Gàidhlig
https://t.co/fWwnDGT7V8
Thrash/groove gu math nuadh-aimsireil air a sheinn ann am Māori. 'S toil leam an t-seinn anns an t-sèist gu sònraichte. #Gàidhlig
https://t.co/1gDod9ineZ
Melodeath às an Fhraing, do luchd-èisteachd Children of Bodom, Kalmah agus Wintersun. Rud a tha a' còrdadh rium gu sònraichte san òran seo, 's e ruitheam na seinn. #Gàidhlig
https://t.co/DRLsCWnDGg
Uill, le trioblaidean tech cha d' fhuair mi a-steach dhan phrògram aig a' cheann thall, ach b' ann air an aithris seo a bha sinn gu bhith bruidhinn. A bheil ceòl meatailt math dhut?
https://t.co/1BxviNsBQD
#Gàidhlig
@am_broc @BBCRnG Obh obh! Bha trioblaidean leis an teicneòlas an-seo agus cha d'fhuair mi a-steach gus an deireadh. Chuala mi na bha thu ag ràdh dìreach aig ceann a' segment a bha siud agus tha mi cinnteach gun d' rinn thu do dhìcheall nas tràithe cuideachd.