@ctrnmorr @CalumMaclennan Mar sin, bhiodh roghainn aca eadar "Stadium" (leis fhèin, an roghainn as fhasa ach gun bheachd gu bheil iad air smaointinn mun Ghàidhlig), "Stadium/Stadium" (G/B, ach tha seo a' coimhead gòrach), "Stadium/Roinn-spòrs" no rudeigin eile, no am facal "Stèidiam" a chleachdadh
@ctrnmorr @CalumMaclennan Tha dà adhbhar ann airson soidhnichean mar seo, agus bhon nach eil eadar-theangachadh nàdarrach mionaideach gu leòr airson "stadium" a mhìneachadh, tha an soidhne seo (a) a' sealltainn dè th' ann agus (b) a' toirt aithne agus follaiseachd dhan Ghàidhlig
@UilleamUan@deiReag23 An dà chuid againne cuideachd, "tha mi bochd" = sick ach "ann am bochdainn" nas trice = poor. Cha chleachdainn "tinn" gu nàdarra idir
Seo dà eisimpleir far a bheil FILEANTA a’ ciallachadh gu bheil cuideigin ealanta air rudeigin a dhèanamh.
https://t.co/MF772XQQOT
Here are two examples where FILEANTA means that someone is expert at doing something.
#Gàidhlig#cleachdi
@UilleamUan Dhòmhsa, dh'fheumadh tu "aig a bheil màthair bochd" ("who has a sick mother") no "aig a bheil a' mhàthair bochd" ("who has the sick mother" if a sick mother has been previously referenced).
Air seachdain Crùnaidh Rìgh Teàrlach III, thug mi sùil air "crùnadh" ann an cuid de na tùsan a bhios sinn a' cleachdadh. Chaidh "Eachdraidh na h-Alba" le Aonghas MacCoinnich fhoillseachadh ann an 1867 mar gheàrr-eachdraidh airson daoine àbhaisteach. https://t.co/ZtB3bhGHzF